Gàidhlig na mhion-chànan

CUNNTAS-SLUAIGH A’ SEALLTAINN ÀIREAMHAN ÙRA

FIONA MACVICAR

Air an 22mh den Chèitean chaidh na h-àireamhan as ùire de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an
Alba fhoillseachadh, agus sheall am fianais seo a staing cunnartach as a bheil a Ghàidhlig anns na
h-Eileanan an Iar.

Tha na figearan a chaidh fhoillseachadh airson na h-àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an
coimhearsnachdan eileanach air a bhith na bhriseadh-dùil do mhòran. A dh’aindeoin àrdachadh
mòr (21%) anns an àireamh dhaoine a b’ urrainn an cànan a bhruidhinn an taca ri 2011 – 57,602
gu 69,701, tha i fhathast a’ crìonadh anns na h-eileanan, agus anns na h-Eileanan an Iar air
tuiteam fon ìre dàrna leth an t-sluaigh airson a’ chiad uair a-riamh (45%). Le figearan a’
Chunntais-shluaigh air am foillseachadh, tha ceist ann dè cho fada ‘s a mhaireas a’ Ghàidhlig ann
an coimhearsnachdan traidiseanta.

Ged a tha an dealbh nàiseanta nas dòchasaiche na ’s dòcha bha mòran an dùil, chan eil
suidheachadh na Gàidhlig anns na sgìrean mu dheireadh far an robh i, buileach cho fallain.

Bheachdaich a bhuidhean iomairt – Misneachd dè am bu chòir do choimhearsnachd na h-
eileanan a dheànamh:

“‘S e cruaidh-chàs sgileil a th’ ann nach eil Gàidhlig a-nise na mòr-chànanas ann an sgìre
comhairle sam bith. Chan eil ach 45% de shluagh Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil
comas-labhairt aca sa Ghàidhlig. Bu chòir gum bi sin a’ cur an eagail oirnn uile. Tha aon rud
cinnteach – chan eil na poileasaidhean agus na taicean a tha an gnìomh an-dràsta ag obair anns
na h-Eileanan. Ma tha Gàidhlig gu bhith beò annta, ma tha ‘heartland’ sam bith gu bhith aice,
feumaidh sinn ar slighe atharrachadh agus ceumannan fada nas fheàrr a ghabhail anns na sgìrean
dùthchail agus sna h-Eileanan.”

Chaidh mòran aire a thoirt air an 22mh a thaobh aois an luchd-labhairt. Tha aois an luchd-labhairt
anns na h-eileanan a’ sealltainn gu bheil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de chloinn eadar 3 agus 15
bliadhna a dh’aois.

Thuirt Lisa Reid, Manaidsear Òigridh aig Comunn na Gàidhlig:
“Bha beachd agam gur e seo an suidheachadh a bhiodh anns na h-Eileanan an Iar oir gu bheil an
ginealach as sine a’ crìonadh. Aig CnaG, tha e na amas dhuinne cothroman gu leòr a
chruthachadh dhan òigridh airson Gàidhlig a bhrosnachadh gus am bidh iad tarraingeach agus
deònach Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile. Bheir seo neartachadh dha na
molaidhean againn.”

Ma choimheadas tu air Uibhist a Deas, chì thu gur e an sgìre as seasmhaiche anns na h-Eileanan,
agus ann an Alba.

Paraiste Uibhist a Deas (a’ gabhail a-steach Èirisgeigh agus Beinn nam Faodhla) –
• 3-15 340 le Gàidhlig 76% (den bhuidheann aoise sin)
• 16-24 145 le Gàidhlig 60%
• 25-34 189 le Gàidhlig 64%
• 35-49 356 le Gàidhlig 63%
• 50-64 474 le Gàidhlig 64%
• 65+ 539 le Gàidhlig aig 70%.

Thuirt 318 neach ann an Uibhist a Deas gur e Gàidhlig am prìomh chànan aca, le 23 dhiubh nas
òige na 15.

Tha Uibhist a Tuath diofraichte ge-tà, tha e a’ sealltainn crìonadh am measg bhuidhnean aoise.
Paraiste Uibhist a Tuath –
• 3-15 100 le Gàidhlig 66% (den bhuidheann aoise sin)
• 16-24 57 le Gàidhlig 67%
• 25-34 72 le Gàidhlig 63%
• 35-49 115 le Gàidhlig 57%
• 50-64 258 le Gàidhlig 59%
• 65+ 283 le Gàidhlig 65%

Thuirt 136 neach ann an Uibhist a Tuath gur i Gàidhlig am prìomh chànan aca, le deichnear
dhiubh nas òige na 15.

A’ bruidhinn air a’ chrìonadh sluaigh a nochd ann an toraidhean a’ chunntais, thuirt an Comh Paul
Steele:

“Tha na toraidhean seo air cuideam a chuir air na tha fios againn mar-thà, gu bheil àireamh an t-
sluaigh anns na h-Eileanan an Iar a’ crìonadh agus feumar ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris.

Tha obair air pròiseactan leithid Uist Repopulation Zone agus taigheadas, comas-cosnaidh,
leasachadh eaconamach agus foghlam uile a’ dol air adhart agus a’ toirt adhbhar gu leòr do
dhaoine fuireach anns na h-Eileanan an Iar, tilleadh às dèidh ùine air falbh no gluasad an seo gus
cur ris na h-Eileanan againn.”

Tha a’ Chomhairle den bheachd gu bheil crìonadh luchd-labhairt na Gàidhlig a chaidh a
chomharrachadh ann an toraidhean a’ chunntais-shluaigh ceangailte ri crìonadh àireamh-sluaigh
san fharsaingeachd sna h-Eileanan Siar.

Tha cuid as a choimhearsnachd a’ càineadh Comhairle nan Eilean Siar ge-tà, agus a’
ceasnachadh dè thathar a’ dèanamh taobh a-muigh foghlam. Thuirt neach air na meadhanan
sòisealta:

“Mura h-urrainn dha CNES fìrinn an t-suidheachaidh aideachadh, tha duilgheadas mòr againn. A-
nis na mhion-chànan anns na h-Eileanan Siar – dè dìreach a tha CNES a’ dèanamh airson

cuideachadh taobh a-muigh Foghlam?”
Gu h-oifigeil, ’s e mion-chànan a th’ innte a-nis anns na h-Eileanan an Iar, ged a tha cuid de
sgìrean far a bheil i fhathast ga bruidhinn leis a’ mhòr-chuid.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh gu bheil adhbharan ann airson seo agus gu bheil feum air
poileasaidhean airson cùisean a leasachadh.

Bhruidhinn Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard BnG air am fianias cuideachd:
“Tha na h-Eileanan ag atharrachadh. Tha tòrr dhaoine air na h-Eileanan fhàgail a thaobh obair
agus a’ feuchainn ri beatha ùr a lorg dhaibh fhèin, agus tha tòrr dhaoine air tighinn a-steach – gu
h-àraidh aig àm Covid.
“Tha na daoine a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan eadar-dhealaichte.
“Ach tha na daoine a tha a’ tighinn a-staigh gu math taiceil don Ghàidhlig.

“Tha mi gu math cinnteach, ann an deich bliadhna, nuair a thèid an ath chunntas a chumail, gum
faic sinn gu bheil na h-àireamhan air a dhol suas a-rithist anns na h-Eileanan.
“Ach bidh feum air leasachadh aig ìre na coimhearsnachd, agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’
togail ar guthan thairis air na mìosan a dh’fhalbh mun airgead a tha a dhìth oirnn airson dèanamh
cinnteach gun leig a’ Ghàidhlig nas làidire aig ìre na coimhearsnachd.”

Categories:

Got 5 minutes?

Help shape the future of Am Paipear – tell us what you want from your community paper.


Take our survey