PLANA GÀIDHLIG AIR LETH AIRSON A CHOIMHEARSNACHD AIR FAD
FIONA MACVICAR
Thàinig na daoine a th’ air cùl iomairt ùr – Plana Gàidhlig Uibhist còmhla air an 19mh là den Mhàirt
gus bunait a stèidheachadh airson na tha iad ag ràdh a bhith ‘na inneal-atharrachaidh’ airson na
Gàidhlig agus Uibhist.
Chan eil Planaichean Gàidhlig ùr, ach tha sgioba na pròiseict air a bheil e an urra ri leasachadh
Plana Uibhist soilleir gu bheil an obair seo gu math diofraichte bho na chaidh roimhe.
Thathas ag ràdh gu bheil Plana Uibhist ‘ar-a-mach’, leis gu bheil e dha-rìribh air a
chumhachdachadh bhon talamh suas – is mar a dh’innis aon neach-uidhe:
“Chan ann mu dheidhinn buidhnean corporra is poblach a tha seo a’ cur riaghailtean sìos, tha e
mu dheidhinn coimhearsnachd Ghàidhlig làidir, ghnìomhach a’ cur an cèill na h-iarrtasan aca
fhèin.”
Tha am pròiseact Plana Gàidhlig Uibhist air a stiùireadh leis an Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Joe
MacNèill, a dh’innis do Am Paipear carson a tha am Plana seo eadar-dhealaichte bho chàch:
“Tha planaichean Gàidhlig, mar a tha fios againn, gan ullachadh le ùghdarrasan poblach ann an
Alba. Tha iad sin cudromach anns an roinn phoblaich airson Gàidhlig a chleachdadh nan obair
làitheil. Le plana sgìreil, tha cumhachd agus dùil aig coimhearsnachd Uibhist a thaobh mar a bu
chòir Gàidhlig a leasachadh gus am bi a’ Ghàidhlig ri fhaicinn agus ri cluinntinn air feadh Uibhist.”
Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, ri Am Pàipear:
“Air feadh na coimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd, tha daoine a’ coimhead air an obair
seo le ùidh a’ sìor fhàs. Chan e a-mhàin gu bheil mòran spèis ann don dòigh anns a bheil Uibhist
air tighinn còmhla gus Plana coimhearsnachd a chumadh, ach tha fìor dhòchas ann cuideachd air
na dh’fhaodas an deagh obair seo a lìbhrigeadh.
“Tha comas aig an obair a thathar a’ dèanamh anns a’ choimhearsnachd, agus às a leth, a bhith
brosnachail agus tha mi làn dùil gun toir e buaidh air leasachadh na Gàidhlig anns na
coimhearsnachdan Gàidhlig anns na bliadhnaichean ri teachd.”
Thuirt Shona Masson, Oifigear Foghlam Gàidhlig, aon den fheadhainn a bha an làthair aig
tachartas a’ Phlana:
“Tha mi a’ smaointinn gu bheil e air leth cudromach fios a bhith againn gu bheil tòrr obair mhath
air a dhèanamh mar-thà gus faighinn chun na h-ìre seo. Gun teagamh tha dùbhlain ann. Tha
taigheadas ceangailte ri atharrachaidhean ann an cànan is cultar na Gàidhlig; tha trioblaidean
còmhdhail a’ bagairt air. Chan e naidheachd a tha seo dhuinn ann an Uibhist – tha fios againn dè
tha a dhìth agus dè tha sinn ag iarraidh atharrachadh.”
“Bidh an rud a tha math dha na raointean leasachaidh seo math don Ghàidhlig aig a’ cheann thall.
Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe de tòrr den obair sin; chan
urrainnear a dìochuimhneachadh, tha i air leth cudromach.”
“Tha e gu math furasta a bhith air ar bogadh sìos leis na dùbhlain, ach feumaidh sinn an dòchas
fhaicinn. Tha an cunnart bho na dh’ fhaodadh tachairt mura dèan sinn rudeigin ro mhòr, agus
chan e suidheachadh a tha sin a tha duine againn airson fhaicinn. ”
Bha Christina Mhoireasdan, Oifigear Ath-shluaigh aig Comhairle nan Eilean Siar, soilleir gum
feumadh a’ Ghàidhlig a bhith air a faicinn ann an co-theacs chùisean agus chothroman nas
fharsainge:
“Tha e sgoinneil gun urrainn dhuinn uile suidhe còmhla agus beachdachadh air planaichean, ach tha feum againn air a’ bhun-structar an sin gus taic a thoirt dha; taigheadas, còmhdhail, cùram-
chloinne is msaa, tha e uile ceangailte ri chèile. Airson Gàidhlig a shoirbheachadh, feumaidh sinn daoine a bhith an seo aig cridhe a’ chùis. Feumar aithneachadh a bhuaidh làidir a tha aig feartan
bhon taobh a-muigh air a’ chànan.
Tha e soilleir gu bheil tòrr obrach ri dhèanamh, agus gu bheil cothrom aig mòran bhuidhnean
beagan uallaichean a ghabhail orra airson a’ chànan adhartachadh agus taic a thoirt dhi.”
Bhruidhinn Eilidh NicIain, Oifigear Leasachaidh aig Taigh Chèarsabhagh, air càit am bu chòir dhan
obair tòiseachadh:
“Is e an rud a tha cudromach gu bheil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn le daoine aig an taigh, anns a’
choimhearsnachd, anns na bùthan agus na h-àiteachan dhan tèid iad, agus gu bheil daoine a’
faireachdainn comhfhurtail agus comasach air sin. An toiseach, feumaidh sinn aithneachadh gu
bheil trioblaidean ann, fiù ‘s ann an Uibhist, chan eil a’ Ghàidhlig cho làidir ‘s a tha sinn ag iarraidh
a bhith. Tha e na mhisneachd dha-rìribh a bhith a’ faicinn na tha de dhaoine an sàs sa Phlana, ach
cuideachd a’ bruidhinn air am beatha dachaigh fhèin, am foghlam aca fhèin, dè bu toil leotha
fhaicinn.”
Bhruidhinn Joe MacNèill air cho cudromach sa tha e ruighinn a-mach chun a h-uile duine sa
choimhearsnachd bho gach seòrsa beatha agus chuir e cuideam air gur e com-pàirteachadh
farsaing sa choimhearsnachd an ath cheum: “Tha beachdan gach neach sa choimhearsnachd
cudromach do Phlana Gàidhlig Uibhist agus tha sin dha-rìribh am prìomhachas.”









