Bile Chànanan na h-Alba

Chaidh draghan a thogail mu èifeachdas a’ bhile

Tha buill aig Hollyrood air taic a bheir do Bhile Chànanan na h-Alba aig a’ chiad ìre, ged a chaidh draghan a thogail mu èifeachdas a’ bhile mar a tha e an-dràsta.

Chaidh am bile fhoillseachadh ann an 2023 agus cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba, am measg eile, inbhe oifigeil a thoirt don Ghàidhlig agus Albais, agus cothrom a thoirt do chomhairlean ionadail raointean sònraichte ainmeachadh far am faodadh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn agus barrachd taic fhaighinn.

A’ fosgladh na deasbaid Dimàirt 17mh den t-Sultain, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gur e amas a’ bhile “atharraichean susbainteach a chur an gnìomh an dèidh bliadhnaichean de mhilleadh is crìonadh”.

“Chan eil sinn gar mealladh fhèin a thaobh na bhios a dhìth, chan eil sinn dall nuair a thig e gu fìrinn an t-suidheachaidh, agus chan eil sinn airson gun lean cùisean mar a tha iad”, thuirt i.

“Soirbhichidh am bile”, thuirt a’ Bh-ph Fhoirbeis, “ma bhios duine comasach air mairsinn tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgìre ionadail aca, agus ma sheallas an ath chunntas-sluaigh nach eil an cànan a’ crìonadh tuilleadh anns na sgìrean traidiseanta far a bheil an cànan fhathast ga bruidhinn. 

“Feumaidh na sgìrean sin a bhith làidir”, thuirt i, “ma tha an cànan gu bhith beò.”

Le cha mhòr 20 bliadhna o dh’fhoillsich a’ chiad Achd Gàidhlig, Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha Bile Chànanan na h-Alba a’ tighinn aig àm deatamach airson cànan is cultar na h-Alba.  Ann am briathran aithisg ìre 1 bho Chomataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus na h-Òigridh, tha a’ Ghàidhlig

“ann an staid cunnartach.”

Tha draghan gu leòr air a bhith ann mun bhile ron seo. 

Tha cuid mì-thoilichte nach eil còir air foghlam Gàidhlig, rudeigin a tha luchd-iomairt air a bhith ag iarraidh o chionn fhada.

Chan urrainn don t-siostam foghlaim leis fhèin oidhirpean ath-bheothachaidh a chuir an gnìomh gu h-èifeachdach am measg coimhearsnachd dhùthchasach na Gàidhlig. Tha am bile a’ cur earrann 6B ùr a-steach do Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, a’ toirt cumhachd do mhinistearan na h-Alba riaghailtean a dhèanamh gus inbhean agus riatanasan ùghdarras foghlaim òrdachadh a thaobh foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus teagasg  Gàidhlig ann am foghlam adhartach.  Ach, mar a chuala a’ chomataidh ann am fianais, tha na cùisean as motha a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an lùib trusadh is gleidheadh ​​thidsearan. Chan eil fianais sam bith air a bhith ann bhon Riaghaltas gu bheil tuilleadh eadar-theachdan san amharc aca gus dèiligeadh ris na cùisean sin.

Chaidh beachd a nochdadh cuideachd nach eil mìneachadh gu leòr air a bhith ann gu ruige seo air mar a dh’obraicheadh ​​na cùisean a tha sa bhile, le ceist gu sònraichte mu na “raointean cànain sònraichte”.

Mar a tha am bile an-dràsta, chan eil e soilleir ciamar a dh’ obraicheadh ​​a leithid de shònrachadh ann an cleachdadh no dè na dleastanasan eile a chuireadh air ùghdarrasan ionadail. Mar a thuirt co-oibrichean mar-thà, leis nach eil stòras ionmhais sam bith an cois a’ bhile, dh’fhaodadh nach bi ùghdarrasan ionadail deònach raon le cudrom cànanach ainmeachadh. 

Thog Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus na h-Òigridh aig Taigh an Ròid fhèin draghan ag ràdh nach eil “Bile Chànanan na h-Alba a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gàidhlig”.

Sheall rannsachadh le luchd-acadaimigeach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chaidh fhoillseachadh ann an 2020 cho domhainn ‘s a tha èiginn na Gàidhlig sa choimhearsnachd dhùthchail. Bha an crìonadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig na bu luaithe am measg dhaoine òga, agus a’ mhòr-chuid dhiubh nach robh a’ cleachdadh na Gàidhlig gu sòisealta no san dachaigh. Tha an fhianais soilleir. Às aonais atharraichean air poileasaidh agus eadar-theachd aig ìre na coimhearsnachd, cha mhair a’ choimhearsnachd dhùthchasach Ghàidhlig a th’ ann an-dràsta nas fhaide na an ath dheich bliadhna. Tha cleachdadh sòisealta na Gàidhlig taobh a-staigh nan coimhearsnachdan sin aig ìre crìonadh.

Dh’iarr aon eòlaiche gun tèid dàil a chur air a’ bhile agus thuirt an Dr Conchúr Ó Giollagáin nach biodh e feumail do choimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig air a bhith làidir gu traidiseanta.

Tha feum air plana gus Gàidhlig ath-bheothachadh a tha freumhaichte anns na coimhearsnachdan far a bheil an cànan ga bruidhinn.

Ach nochd tòrr cheistean bho na pàrtaidhean dùbhlanach tron ​​deasbad.

Thuirt Sue Webber BPA, Neach-gairm Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus na h-Òigridh, a-rithist gu bheil a’ chomataidh a’ toirt taic do phrionnsabalan a’ bhile, ach nach toir e “cus de bhuaidh” air cùisean mar a tha e.

Bhon Phàrtaidh Uaine, thuirt Ross Greer gu bheil miann ann “rudeigin a chruthachadh a dh’atharraicheas” suidheachadh na Gàidhlig agus Albais.

Cha dèan am bile sin mar a tha e, thuirt Mgr Greer, ach thuirt e gum bi cothrom aig buill a neartachadh anns na mìosan a tha romhainn.

Chaidh taic a chur ris a’ bhile air a’ cheann thall agus Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil an Riaghaltas “ag aithneachadh gum feum sinn a dhol nas fhaide agus nas luaithe ma tha an cànan gu bhith maireannach.

  “Tha sinn a’ coimhead air dòighean air obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile seo a neartachadh aig an dàrna ìre agus dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig agus Albais ga bruidhinn anns na sgìrean traidiseanta aca, agus aig an aon àm a’ cur ris an fhàs a chì sinn ann an sgìrean eile air feadh na dùthcha.” 

Aig an aon àm, tha BPA Gàidhealach Emma Roddick air conaltradh a bhrosnachadh bho luchd-taghaidh sa Ghàidhlig às dèidh Ìre 1 de Bhile Chànanan na h-Alba:

 “Bha mi air leth toilichte am Bile seo fhaicinn air a thoirt a-steach don Phàrlamaid an-dè, a tha ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de ar cultar. 

“Mar sin, tha mi an dòchas gun tèid gluasad tro ìrean a’ Bhile, is gun tèid cothroman a leasachadh do luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na h-Alba, tha mi cuideachd airson conaltradh bho luchd-taghaidh sa Ghàidhlig a bhrosnachadh, rud a chuireas fàilte mhòr ormsa agus bhon sgioba agam, is gum bidh cothrom dhuinn a cleachdadh.”

Tha sinn air feitheamh 20 bliadhna airson reachdas air a’ Ghàidhlig, ach air a’ chùrsa a th’ ann an-dràsta, ann am 20 bliadhna eile, ’s math a dh’ fhaodadh nach bi cànan ri shàbhaladh às aonais an taic ionmhais a tha a dhìth. 

 Tha dùil ris a’ bhòt mu dheireadh air a’ bhile anns a’ bhliadhna ùir.

Categories:

Got 5 minutes?

Help shape the future of Am Paipear – tell us what you want from your community paper.


Take our survey