Dithis air a’chomataidh a toirt sùil air ais
Fiona MacVicar
‘S e latha fa leth a tha ann an Latha nan Geamannan an Uibhist a Tuath le measgachadh de phìobaireachd, dannsa Gàidhealach, spòrs agus cleasan, agus biadh is bèicearachd na thorran! Nuair a ruigeas tu an àite-parcaidh bhreàgha tha a’ coimhead sìos an cnoc, chì thu sealladh de na geamannan agus an sluagh a tha air tighinn a-mach air an son, agus as gach oisean cluinnidh tu fuaim nam pìobairean a’ deisealachadh airson nam farpais.
Fhuair Am Pàipear cothrom bruidhinn ri dithis a tha iomraiteach a thaobh nan geamannan agus anns a’ choimhearsnachd cuideachd. Eadar an dithis aca tha Archie ‘Doods’ MacChorcadail agus Iain ‘Fada’ MacDhòmhnaill air a bhith air comataidh Geamannan Gàidhealach Uibhist a Tuath còrr air trì fichead sa deich bliadhna, agus abair thusa gun robh iad làn sgeulachdan agus fiosrachadh mun dèidhinn.
Tha Doods air a bhith air a’ chomataidh còrr is còig thar fhichead bliadhna agus air a bhith ann an iomadh dreuchd thairis nam bliadhnaichean. Thòisich e an toiseach a’ gabhail pàirt as na co-fharpaisean fhèin agus a’ cuideachadh air na latha, agus tha e air a bhith na cheann-suidhe beagan thursan agus na rùnaire cuideachd. Tha buill na comataidh air atharrachadh cuideachd a-nis, agus ‘s e Doods agus Iain is fhaide a tha air a bhith oirre.
Tha Iain air a bhith air a’ chomataidh dà fhichead sa seachd bliadhna uile gu lèir. Rinn e trì bliadhna na rùnaire, ach an còrr den àm bha e na phàirt chudromach den chomataidh, gu mòr an lùib a bhith a’ stèidheachadh a h-uile sian airson an latha agus os cionn farpaisean na ‘heavies’ air an latha fhèin. Dh’ innis Iain mun obair mhòr a bha aca ri dhèanamh ron àm agus nuair a bhiodh aca ris a h-uile sian a thoirt as a chèile a-rithist.
“Bha thu feumach air ‘s dòcha ceathrar neo còigear cheàrnaich airson àrd-ùrlair nan dannsairean fhèin, cha b’urrainn dhut’ loader’ neò ‘telehandler’ a chleachdadh idir.”
Tha atharrachadh mòr air a bhith anns na geamannan thairis air na bliadhnaichean. Chaidh Doods air a’ chomataidh anns na 90an, is na geamannan air tòiseachadh thall ann an Hosta, an uairsin an Ceann a’ Bhàigh agus ann an Sollas, agus a-nis am Baile Lòin, àite mòr, sgoinneil fàisg air an rathad. Bha Iain a’ cuimhneachadh air cho doirbh sa bha e na stobaichean a chuir dhan talamh ann an Hosta, ach bha iad na b’ òige agus nas làidire an uairsin agus cha do shaoil iad mòran dheth.
B’ àbhaist dhaibh a bhith a’ cruinneachadh mu shia uairean feagar an oidhche ron àm, ach a-nis tha iad a’ tòiseachadh mu mheadhain latha airson deànamh cinnteach gun bheil a h-uile dad deiseal airson an ath latha. Tha aca an uairsin an ath oidhche, nuair a bhios an latha seachad, a h-uile sian a bheir a-nuas a-rithist, agus thuirt Iain, “uaireannan cha bhiodh sgeul air dad!”
‘S e an t-sìde an aon duilgheadas a tha aig a’ chomataidh latha nan geamannan, agus nach eil uiread de dhaoine deònach tighinn a-mach ma tha i fliuch. Tha riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd air atharrachadh gu mòr cuideachd seach mar a b’ àbhaist; feumar barrachd bhrataichean airson nam farpaisean, seach na seann bhobhstairean a bhathas cleachte ris, agus feumar lìon timcheall air far a bheil farpais nan òrd. Thuirt Doods:
“‘S e an aon uallach a tha aig a’ chomataidh air an latha, ‘s e an t-sìde. Mur a bheil turadh ann, is i garbh, mosach, cha tig daoine a-mach. Tha e a’ cosg an t-uabhas airgead na geamannan a chuir air doigh; medalan, trophies, pàigheadh judges, insurance, tha tòrr airgid a’ dol a-mach. ‘S e an airgead a nìthear air an geata a tha a’ paigheadh na geamannan, agus a’ toirt dhuinn latha nan geamannan gach bliadhna; chan eil rùm ann call air àirgead gach bliadhna.”
Thuirt e cuideachd:
“Mur a bheil fear de na farpaisean a’ gabhail àite nì sin cuideachd diofar air an t-sluagh. Cha robh farpais dannsa – Gàidhealach ann an uiridh, agus rinn sin cron air na thàinig air an latha. Gu fortanach, tha a h-uile farpais a’ gabhail àite am bliadhna mar bu chòir.”
Bha sluagh na coimhearsnachd beagan ìosal an uiridh, is dùil gun robh daoine fhathast caran gealtach a bhith a’ dol an lùib dhaoine. Tha na ferries a’ dèanamh cron cuideachd. Ged a tha luchd-turais a’ deànamh oidhirp a dhol ann, tha sluagh nan eilean a tha a’ fuireach air tìr mòr cuideachd a’ feuchainn ri bhith dhachaidh air an latha. ‘S e ‘Fair Fortnight’ a b’ àbhaist a bhith air, le na geamannan, an show agus a-nis EDF uile timcheall air an aon àm. Chì thu nis nach eil e cho furasta dhaibh faighinn dhachaigh aig an àm sin den bhliadhna neò fiù ‘s muinntir Uibhist latha dheth fhaighinn far an obair.
‘S e latha math a tha ann do theaghlaichean agus luchd-turais air fad, le daoine a’ tighinn fior astar, ‘s docha nach fhaic daoine a chèile bhon latha sin chun an ath bhliadhna.
Bha Doods a’ gabhail beachd air mar a bha gach sgìre soirbheachail ann a bhith a’ buannachadh a’ chupa:
“Bhiodh tu a’ leughadh na h-ainmean, agus a’ faicinn na ‘cycles’ aig a’ chlann anns gach sgire. Nuair a bha mise òg, bha tòrr chloinne aca ann an Loch nam Madadh agus ‘s e iadsan a bhiodh a’ buannachadh, an uairsin ‘s e Sollas a bhiodh ann, is an uairsin Paibeil, agus ‘s e Cairinis a bha ann an uiridh, agus mar a tha mi a’ cluinntinn ‘s dòcha gur e iadsan a bhios ann a-rithist. Chòrdadh e riumsa nam faigheadh Loch nam Madadh e, ach tha amharas agam nach fhaigh!!”
Bha còig thar fhichead air a’ chomataidh anns na 70an nuair a chaidh Iain orra, ach ‘s e comataidh gu math nas lugha a tha innte a-nis le ‘s dòcha ceithir-deug oirre, agus ceathrar neo còignear a thig gu coinneamhan tron bhliadhna. Tha Iain an dòchas tighinn far a’ chomataidh a dh’ aithghearr, is cothrom a bheir do dh’ feadhainn òga tighinn a-steach.
Ghabh Iain beachd air a’ chòmhstrì a bhiodh eadar gach sgìre gach bliadhna airson cò gheibheadh na puingean as àirde, agus gu dearbh, cò gheibheadh an cupa. Gur bith cò sgìre a bhuannaicheadh, bhiodh partaidh mòr aca an oidhche sin uile còmhla, duine mu seach ag òl às a’ chupa. San latha an-diugh chan eil a leithid de chòmhstrì eatorra ge-tà, ged a bhios corra phartaidh aca fhathast còmhla.
Bha Iain a’ cuimhneachadh gu mòr air farpais an ‘Tug of War’, nuair a bha e fhèin air sgioba a’ Chladaich air a shon:
“Bha fìor cheàrnaich mhòr ga dheànamh an uairsin, ‘s an rop a’ bragadaich ‘s gun e a’ gluasad. ‘S iomadh latha a bha sinn nar n-amadain ga shlaodadh!”
Tha Uibhist a Tuath fortanach gu bheil leithid Doods agus Iain dìcheallach agus deònach mu bhith a’ cumail latha na geamannan a’ dol gach bliadhna.
Nuair a chaidh faighneachd do Doods cò an campa anns an robh esan am bliadhna, Campa Sholais, neo Campa Loch na Madadh, fhreagair e:
“‘S e Campa Loch nam Madadh a bha agamsa riamh, ach bidh mi a’ brosnachadh na h-ighnean agam fhèin cuideachd, so, dòcha beagan den dà chuid!”









