Seachdain na Gàidhlig 2024

Dè bhios dùil againn ris

Fiona MacVicar

Seachdain na Gàidhlig airson an treas uair, agus a-rèir choltais, tha an sgioba an dùil ri tachartas nas motha na bha aca roimhe. Thèid a’ chiad seachdain cànain nàiseanta an Alba a chumail eadar 19mh is 25mh Gearran 2024, 

‘S e ‘Do Chànan, Do Chothrom’ cuspair na seachdain agus tha sgioba Seachdain na Gàidhlig ag amas air  cuid le Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus a’ chuid gun Gàidhlig gu bheil cothrom ann dhaibh uile. ’S urrainn dhaibh uile pàirt a ghabhail san t-seachdain ann an dòigh a bhios freagarrach dhaibh fhèin. Tha dòchas ann gun gabh daoine sealladh air an t-seachdain, air a’ chànan cuideachd agus an cànan mar phàirt chudromach dem beatha. 

Airson a’ chiad turas, thathar a cuir seiseanan air-loidhne air dòigh do sgoiltean airson an dà chuid clasaichean Gàidhlig agus Beurla.-Thathas an dùil gun deàn mòran sgoiltean bho air feadh Alba (gu h-àraid às na h-eileanan)oidhirp clàradh air son seo. 

Fhuair 53 tachartas ann an 17 sgìre comhairle  maoineachadh am bliadhna tro mhaoin nan tabhartasan beaga, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Ach, chan ann dìreach dhan fheadhainn a fhuair taic-airgid a tha Seachdain na Gàidhlig- tha eagraichean na h-iomairt airson dèanamh soilleir gu faod a h-uile duine pàirt a ghabhail ann.

Ged a bhios tachartasan a’ gabhail àite air feadh Alba, agus cuid ann an Uibhist fhèin, bi rudan air-loidhne a bhios fosgailte dhan a h-uile duine aig a h-uile ìre fileantas. Tha an sgioba mothachail gu bheil coimhearsnachd beòthail air-loidhne, agus le ‘Latha Abairt na Gàidhlig’, thèid aig daoine an abairt a chlàradh air-loidhne agus a sgaoileadh air na meadhanan-sòisealta leis a

hashtag  #LathanahAbairtGhaidhlig no #SeachdainnaGaidhlig2024, gus cuid a bhrosnachadh no airson abairt ùr ionnsachadh. 

Dh’ innis Shona Nic a’ Mhaoilein, Neach-taice Rianachd agus nam Meadhan-Sòisealta aig Seachdain na Gàidhlig:

“Air an treas Seachdain na Gàidhlig, tha ‘Do Chànan. Do Chothrom.’ againn mar chuspair, a’ toirt suil air luach na Gàidhlig ann am beatha dhaoine agus air na dorsan a bhios i a’ fosgladh. Tha sinn an dòchas gun comharraich daoine seo ann an iomadach diofar dhòigh, a fhreagras air na coimhearsnachdan aca fhèin, agus a bheir cothrom do dhaoine aig gach ìre fileantais agus de gach aois pàirt a ghabhail ann an seachdain air leth prìseil. Tha sinn air ar dòigh cluinntinn gu bheil buidhnean ag obair air plana Gàidhlig do dh’ Uibhist, ann an sgìre a bhios ag obair gus a h-inbhe agus a cliù a thogail agus a bhios ga cumail aig cridhe chùisean làitheil. Tha sinn an dòchas gum bi Seachdain na Gàidhlig na cuideachadh gus aire dhaoine a tharraing chun iomairt aca agus gum bi taic aca bho dhaoine is bhuidhnean air feadh nan Eilean Siar.”

Faodaidh duine sam bith a tha airson pàirt a ghabhail an tachartas acasan a chur ri prògram na seachdaine tro leabhar-latha oifigeil aig: https://seachdainnagaidhlig.scot/events/.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig glè thoilichte taic a chumail ri Sheachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beaga a-rithist am bliadhna. ’S e prìomh amas a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig ùr cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh agus tha Seachdain na Gàidhlig a’ cruthachadh diofar chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh tro ghnìomhachdan a tha gu math tlachdmhor. ‘S e deagh dhearbhadh a th’ ann an Seachdain na Gàidhlig gu bheil a’ Ghàidhlig beò agus air a cleachdadh ann an dachaighean, coimhearsnachdan, sgoiltean agus àiteachan obrach air feadh na h-Alba – mar sin gabh pàirt ann agus bi mar phàirt de seachdain a  bhios, a-rithist, air leth tarraingeach agus spòrsail.”

Categories:

Got 5 minutes?

Help shape the future of Am Paipear – tell us what you want from your community paper.


Take our survey