Haidh, do charaidean bho SpeakGaelic an seo!
Bliadhna Mhath Ùr bho Eilean nan Giomach, agus tha 2026 air a bhith dhut fhèin gu ruige seo? Tha sneachda uabhasach trom air an eilean an-dràsta, a’ ciallachadh gu bheil cùisean caran bun os cionn. Tha an sgoil dùinte, agus bha an dealan dheth airson beagan làithean cuideachd. Ged a tha seo air trioblaidean àbharrachadh do chuid, tha a’ chlann air an dòigh glan gun urrainn dhaibh tòrr bhodaich-sneachda a thogail!
Am-bliadhna, tha sinn a’ dol a thoirt sùil air na tha aon teaghlach ri bho mhìos gu mìos. Coinnich ri teaghlach MhicDhòmhnaill – Alasdair, Mairead, Liùsaidh agus Calum. Tha iad a’ fuireach ann am Port a’ Bhàta, oisean aig ceann a deas an eilein. ‘S e saor a th’ ann an Alasdair, agus tha Mairead ag obair pàirt-ùine aig a’ bhun-sgoil. Tha Liùsaidh air an dàrna bliadhna aice san àrd-sgoil, agus tha Calum air clas a seachd sa bhun-sgoil. Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil gràdh mòr ann eadar Liùsaidh agus Calum, ach chan eil e an-còmhnaidh furasta nuair a tha iad steigte san taigh:
Liùsaidh: Tha mise a’ dol a choimhead prògram dannsaidh air an tbh a-nochd, ‘s urrainn dhut suidhe ri mo thaobh ma tha thu ag iarraidh.
Calum: Thuirt mi riut sa mhadainn gu bheil mi airson coimhead air ball-coise a-nochd, ‘s e geama gu math cudromach a th’ ann!
Liùsaidh: Thèid gu taigh Èairdsidh a-rèist, bidh esan ga choimhead cuideachd!
Calum: Seall an t-sneachda, chan eil mise a’ dol am bad!
Liùsaidh: I’m going to watch a dance programme on TV tonight, you can sit beside me if you want to.
Calum: I said this morning that I want to watch football tonight, it’s a very important game!
Liùsaidh: Go to Archie’s house then, he’ll be watching it too!
Calum: Look at the snow, I’m not going anywhere!
Gu soilleir, tha teaghlach MhicDhòmhnaill mar theaghlach sam bith eile! Gus briathrachas fhaicinn a tha co-cheangailte ri teaghlach, thèid gu https://speakgaelic.scot/level/family
Sin e airson mìos eile. Bho do charaidean air Eilean nan Giomach, mar sin leat!









